Cuairt Sgudail, by Mairi Macleod
Winner of the Scottish Gaelic Poetry Prize 2025

Cuairt Sgudail
Tiona, buidhe, leth-fhalaichte sa bhoglach,
ri taobh an rathaid a ghabh sinn chun a' mhonaidh,
far an do gheàrr m' athair na mòine, gach bliadhna.
Gleans air an tiona fhathast, mar tarasgair m' athair,
a chas trom air, geàrradh tron fhòid, nas doimhne,
air ais tro na bliadhnaichean gu cuimhneachain nam òige.
Pòca biadhaidh plastaige, glaiste san fheansa,
sracte leis a' ghaoith. Coltas air ribeanan a' dannsa,
a' fighe dealbhan còmhla nam inntinn air làithean geamhradail.
Triùir charaidean, a' cluich còmhla anns an t-sneachda,
am pòcannan ar toirt sìos gu bonn a' chnuic aig astar.
Buidheach am bonn a ruigsinn gun bhuail.
Pàipear gorm rìoghail, Fry's - air a reubadh, air a chràdh.
5 Centres a fhuair sinne - tiodhlac 'o bhean a' Mhinisteir,
nuair a chuimhnich sinn Leabhar Aithghearr nan Ceist, gu slàn.
'A bheil thu 'g èisteachd?' ghlaodh am Ministear bhon chùbaid.
Cha d' fhuair mi teisteanas, cha do ruig mi ach ceist 97 -
inntinn mar-thà air an teòclaid, neon na bhroinn.
Toitean, dìreach an deireadh, san dìg mu choinneamh taigh,
a-nis na h-Airbnb. A bh' aig Iain Thoitean, ged nach do smoc e.
Bhiodh stòiridhean aige, air a thiodhlacadh maille ris.
Ginealach eile, an taighean falamh, gun solais tron gheamhradh.
Clachan 'o thobhtaichean eile a' roinn an stòiridhean,
a' cagar gu socair air a' ghaoith nuair a thogas mi an toit.
Iomadach pìosan sgudal, leabaichte ann am boglaich,
freumhaichte ann am feansa, domhainn sa dig,
air a ghlacadh leis a' ghaoth - cuimhneachan pròiseil air àm eile.
—
An sgudal seo toirt dùsgadh nam inntinn.
Togaidh mi iad às na dìgean, às na boglaich, far an rathaid.
Cruinnichidh mi iad ann am pòca, ach cha sad mi air falbh iad.
Lughdaich an call le bhith
ath-chleachdadh na cuimhneachain,
's ath-chuairteachadh na sgeulachdan.
by Mairi Macleod