Fianais, Rònaigh an Taibh
Creag aonair anns a’ Chuan Siar
Is na tha na car de thaibhsean –
Caraid nan Gàidheal, Seumas Ruadh,
Thall ’s a-bhos mu na feannagan, eun-crom,
Aigne, lach-Lochlannach, Coinneach Dubh a’ Chaca,
Canach is caoraich mun bhaile bhàn
Is timcheall air Teampall nam Manach.
Sheòl mi ann à Comraich Mhaol Rubha
Na mo chèile Dhè ris an t-soirbheas
Na mo chulaidh de chraiceann-ròin
Is ghabh mi orm geodha mar hibernaculum
Agus thall bhuam na bodaich nan tàmh
Ri tonn a’ chladaich air na clachan
A’ coimhead a-mach à Fianais.
By Rody Gorman